Wordumz Gàidhlig

User avatar
akerbeltz
Posts: 59
Joined: March 15th, 2011, 12:53 pm
Location: Glaschu
Contact:

Wordumz Gàidhlig

Postby akerbeltz » January 8th, 2015, 10:36 am

Seo geama fhaclan eile. Tha e gu math spòrsail ’s chan eil e doirbh ri thuigsinn. Tha litrichean a’ tuiteam a-nuas agus tha agad ri faclan a chruthachadh leotha (nuair a choileanas tu facal, briog air DEARBH ’s ma tha am facal air a dheagh-litreachadh, thèid na litrichean ud air falbh). Mus tuit cus dhiubh. Car mar mheasgachadh de Wordtris agus Scrabble.
Image

Tha e a’ cosg suim bheag ach bha obair ’na lùib, an dà chuid dhan fhear-dealbhaidh agus do mhuinntir an fhaclair agus chanainn-sa gum b’ fhiach e a phrìs - ’s e nas saoire na cofaidh! Ri fhaighinn air Android (o Google Play) aig an àm seo ach tha tionndadh iOS a’ tighinn a dh’aithghearr cuideachd.

Barrachd fiosrachaidh an-seo air iGàidhlig mar is àbhaist.
User avatar
Janice Chan
Posts: 4980
Joined: January 14th, 2009, 9:52 am
Location: Toronto Canada
Contact:

Re: Wordumz Gàidhlig

Postby Janice Chan » January 8th, 2015, 10:49 am

Tha mi a' dèanamh fiughair ris an tionndadh iOS!
User avatar
Cam MacRae
Posts: 3932
Joined: January 16th, 2009, 1:48 pm
Location: Champaign, IL

Re: Wordumz Gàidhlig

Postby Cam MacRae » January 8th, 2015, 10:52 am

Janice Chan wrote:Tha mi a' dèanamh fiughair ris an tionndadh iOS!



Coltach ri Spelltower? Tha agus mise!

Return to “General Chatter”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest