Page 1 of 1

Òrdugh seòrsachaidh ùr san Fhaclair Bheag

Posted: June 30th, 2020, 4:55 am
by akerbeltz
Thàinig leasachadh air an t-seòrsachadh san fhaclair. Chuir Will 's mise òrdugh Gàidhealach an àite na riaghailtean na Beurla mar a chleachdas na h-algorithms a ghnàth. Ann an òrdugh na h-aibidil, tha - agus ' air an leigeil seachad 's tha, mar eisimpleir, Cailleach Bheurra eadar cailleach-bheag a' chìrein agus cailleach-bhreac a-nis 's chan ann os an cionn mar a bha i roimhe. Grunn rudan eile an lùib an leasachaidh seo cuideachd, tha an seòrsachadh nas "cruaidhe" a-nis is chan eil D a' nochdadh gu h-ìosal aig deireadh nan d beaga ach tha iad am measg a chèile mar gun robh iad uile beag. An aon rud a thaobh a/à/á etc a-nis.

Image

Re: Òrdugh seòrsachaidh ùr san Fhaclair Bheag

Posted: June 30th, 2020, 10:36 am
by Janice Chan
Mòran taing, a Mhìcheil. Bidh seo gu math feumail, tha mi cinnteach.

Re: Òrdugh seòrsachaidh ùr san Fhaclair Bheag

Posted: June 30th, 2020, 2:05 pm
by Rudy Ramsey
A Mhìcheil,

Cha chuireadh sinn am mìneachadh gu leir anns "An Naidheachd Againne" (na mo bheachdsa co-dhiù), ach mun robh ceangail againn gu duilleag air an eadar-linn leis an fhiosrachadh seo, cuireadh sinn e ann. A bheil a leithid ann?

Ruairidh