Quick Locale Switcher for Firefox

User avatar
akerbeltz
Posts: 59
Joined: March 15th, 2011, 12:53 pm
Location: Glaschu
Contact:

Quick Locale Switcher for Firefox

Postby akerbeltz » March 30th, 2011, 7:22 am

Ok, latha ùr, goireas ùr...

Thog mi iomradh air an Quick Locale Switcher roimhe ach tha tionndadh ùr ann a-nis agus tha an leudachan fhèin sa Ghàidhlig cuideachd a-nis.

Dè nì e ma-thà? Gu goirid, leumaidh e eadar cànain eadar-dhealaichte airson na h-eadar-aghaidh. Tha sin air leth feumail do dhaoine a tha a' cleachdadh coimpiutair còmhla ri daoine aig nach eil Gàidhlig. Siuthadaibh ma-thà, chan eil leisgeul ann tuilleadh gun a chleachdadh!

As dèidh dhuibh a stàladh, gheibh sibh e fo Innealan > Quick Locale Switcher. AIRE: Chan eil na pacadaidean cànain an cois an QLS a o thùs oir tha cus ann dhiubh. Dèanaibh na leanas:
  1. Roghainnean > Sgeamannan ionadail
  2. Cuiribh cromag ris na cànain a tha sibh ag iarraidh ann, m.e. gd (Gàidhlig) agus en-UK (Beurla) air neo Gàidhlig agus Ruisis.
  3. Chì sibh, aig bun na h-uinneige ud, rud a tha ag ràgh Faigh barrachd pacaidean cànain. Briogaibh air sin 's bheir e sibh dhan duilleag far a bheil pacaidean cànain Mozilla.
  4. Taghaibh na tha a dhìth oirbh is stàlaichidh Firefox sin leis fhèin. Bidh again ri Firefox ath-thòiseachadh ach sin agaibh e!

Ok I'll summarise in Beurla - the Quick Locale Switcher does what you normally can't do - it changes the interface language of Firefox without having to reinstall the entire thing. Perfect for people who share a computer with non-Gaelic speakers. Note you need to install the language packs you want before it'll work - if anyone can't pick their way through the above, just drop me a line on here and I'll translate fully, in a bit of a rush just now. Enjoy!

Return to “General Chatter”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 2 guests