Opera ann an Gàidhlig

User avatar
akerbeltz
Posts: 59
Joined: March 15th, 2011, 12:53 pm
Location: Glaschu
Contact:

Opera ann an Gàidhlig

Postby akerbeltz » April 21st, 2011, 5:43 pm

'S dòcha gu bheil fios agaibh mu thràth ach tha am brabhsair Opera (a tha saor an-asgaidh) ri fhaighinn sa Ghàidhlig. Tha tionndadh ùr air tighinn a-mach 's ma bha e agaibh roimhe, feumaidh sibh am faidhle cànain ùr.

Mura robh e agaibh, gheibh sibh e air làrach Opera. Feumaidh sibh an tionndadh Beurla fhaighinn an toiseach, tha na faidhlichean cànain eile 'na bhroinn. Cuideachd, ma bha e agaibh roimhe, 's mathaid gu bheil sibh air grunn abairtean Beurla fhaicinn am measg na Gàidhlig:

Image

'S e an seann-fhaidhle as coireach às. Feumaidh sibh na leanas a dhèanamh gus an tionndadh as ùire a chur ann:

Rachaibh gu An clàr-taice > Roghainnean > Roghainnean

Fon taba Coitcheann, chì sibh putan air a bheil Mion-fhiosrachadh

Image

Briogaibh air Mion-fhiosrachadh. Chì sibh seann-slighe an fhaidhle chànain an uairsin.

Image

Briogaibh air Tagh. Chì sibh na faidhlichean cànain uile a gheibhear an cois Opera an uairsin:

Image

Tha Gàidhlig fo gd. Briogaibh air agus an uairsin air an gd.lang:

Image

Briogaibh air Open agus Ceart ma-thà (iomadh turas) an uairsin agus bidh Gàidhlig air feadh Opera an uairsin. An dòchas gun gabh sibh tlachd ann!

Return to “General Chatter”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest