Scrabble Gàidhlig

User avatar
akerbeltz
Posts: 60
Joined: March 15th, 2011, 12:53 pm
Location: Glaschu
Contact:

Scrabble Gàidhlig

Postby akerbeltz » September 28th, 2011, 4:37 pm

Latha ùr, geama ùr a chàirdean. 'S e Scrabble an geama an turas seo, tionndadh le sgioba Gearmailteach air a bheil Scrabble3D.
Image

Nise, mar a rinn mi roimhe, seo dhuibh an treòir mus innis mi dhuibh cà 'm faigh sibh e, air neo cha leugh sibh an treòir idir ;)

Faighibh am faidhle stàlaidh ceart airson an rian obrachaidh agaibh. Mar is trice, 32bit ma tha sibh air Windows XP agus 64bit airson Vista/7. Bidh fios aig muinntir Linux air dè dh'fheumas iad!
Image

Taghaibh Install (bidh an stàladh gu lèir sa Bheurla)
Image

Leigibh leis a stàladh agus bidh e fo Start > Programs > Scrabble 3D an uairsin. Nuair a thòisicheas sibh am prògram a' chiad turas, bidh cothrom agaibh Gàidhlig a thaghadh an dà chuid mar chànan a' phrògraim agus cànan nan geamannan fhèin.

Mus dèid mi nas fhaide - ma gheibh sibh a-riamh a' mhearachd seo leanas:
Image

Tillibh dha na roghainnean agus fo taba a' Choimpiutair, bheiribh air falbh an roghainn Multithreaded:
Image

Ok, nise, tha e furasta gu leòr geama a chluich an aghaigh a' choimpiutair, chan eil mi dol a dh'innse dhuibh mòran mu dhèidhinn sin agus gu feum sibh briogadh air 2 chluicheadair:
Image

Tha e fada nas inntinniche cluiche an aghaidh cuideigin. Tha ball gorm gu h-àrd, briogaibh air gus geama a chluich air an lìonra:
Image

Feumaidh sibh far-ainm is facal-fair a thaghadh. Chan e rud mòr, tèarainte a tha seo, chan eil sin ann ach gus nach urrainn do chuideigin eile cluich fo 'r n-ainm:
Image

Chì sibh na daoine air an lìonra a-nis. Tha bratach na lèine a' comharradh na dùthcha aig cluicheadair agus am bratach eile cànan a' phrògraim. Dèanaibh briogadh deas air an neach a tha sibh airson cluich leis agus bheiribh cuireadh dhaibh:
Image

Feumaidh an neach a thug an cuireadh seachad tòiseachadh air geama ùr:
Image
Image

Agus sin agaibh e. Tha iomadh gleus eile aig a' gheama seo ach 's urrainn dhuibh fhèin am fiosrachadh a-mach. Aon rud eile mus innis mi dhuibh cà 'm faigh sibh e. Ged a tha aon fhaclair sa gheama, tha dà roinn san fhaclair, faclan às an Fhaclair Bheag agus faclan à Dwelly. Gheibh sibh faclan nas inntinniche ma cheadaicheas sibh an dà rud ach ma tha sibh airson cuairt nas fhasa a chluich, bheiribh air falbh a' chromag às a' bhogsa agus cha nochd uiread a dh'fhaclan inntinneach.

Gheibh sibh e air Uici a' gheama is Sourceforge agus tha fòram aig a' gheama. Ach gheibh sibh taic an-seo cuideachd.

Chì mi ann sibh, geamairean abù!
Last edited by akerbeltz on November 7th, 2012, 6:15 am, edited 2 times in total.
Scott Morrison
Posts: 320
Joined: April 28th, 2009, 1:05 pm
Location: Elkridge, MD

Re: Scrabble Gàidhlig

Postby Scott Morrison » October 3rd, 2011, 2:15 pm

An e thu fhéin a rinn a gheam seo, a' Mhìcheal?
User avatar
akerbeltz
Posts: 60
Joined: March 15th, 2011, 12:53 pm
Location: Glaschu
Contact:

Re: Scrabble Gàidhlig

Postby akerbeltz » October 13th, 2011, 10:08 am

An-dà, rinn agus cha do rinn, 's e sgioba Gearmailteach a tha a' cruthachadh a' phrògraim ach chuir mise Gàidhlig air an interface agus rinn mi seata nan litrichean 's an corr airson na Gàidhlig.
Scott Morrison
Posts: 320
Joined: April 28th, 2009, 1:05 pm
Location: Elkridge, MD

Re: Scrabble Gàidhlig

Postby Scott Morrison » October 29th, 2011, 8:00 am

Tha sin sgoinneil! Agus chuir thu freagairt orm mar a fheagaireas na Elves aig Tolkien, "Na foighneachd dè na h-Elves oir canaidh iad 'seadh' agus 'chan sheadh'" Neo, 's dòcha gum bu choir dhomh ag ràdh mar Yoda, mar a tha sgrìobhte aig bonn na sgàillein agad fhèin. :D
User avatar
akerbeltz
Posts: 60
Joined: March 15th, 2011, 12:53 pm
Location: Glaschu
Contact:

Re: Scrabble Gàidhlig

Postby akerbeltz » November 2nd, 2011, 2:35 pm

LOL b' fhearr leam nam biodh sgilean prògramachaidh mar sin agam ach chan eil 's bu chòir dhuinn urram a thoirt dhan a h-uile a bha an sàs ann :)

An cluich thu geamannan air an lìonra idir?
Scott Morrison
Posts: 320
Joined: April 28th, 2009, 1:05 pm
Location: Elkridge, MD

Re: Scrabble Gàidhlig

Postby Scott Morrison » November 23rd, 2011, 9:23 pm

Cha do chluich, ach chluich mi Scrabble Gàidhlig a chaidh a dhéanamh le caraid agam. Bha na faclan a fàs cho fada is gun do dh'èirich feum oirnn na faclan an cur seachad air oirean a' bhùird! Aig an àm ud, sguir sinn dheth dé chunntas phuncan a dhéanamh!
User avatar
akerbeltz
Posts: 60
Joined: March 15th, 2011, 12:53 pm
Location: Glaschu
Contact:

Re: Scrabble Gàidhlig

Postby akerbeltz » April 17th, 2013, 9:14 pm

Tha modh (no faclair) ùr aig Scrabble3D. Sgar sinn na faclan às an Fhaclair Bheag ann an dà "fhaclair", faclair bunasach agus faclair adhartach. Chan eil san fhaclair bhunasach ach mu 8,000 facal cumanta:
- ainmearan san tuiseal ainmearach agus san iolra - 's e sin, as aonais an tuiseil ghinidich etc
- freumh de ghnìomhair (m.e. dèan) agus an t-ainmear gnìomharach (m.e. dèanamh), as aonais cruthan mar dhèanainn, dhèanaist etc
- freumh de bhuadhair, as aonais an ìre choimeasach etc (m.e. mòr ach as aonais motha)
- badan de dh'fhaclan cumanta eile (agus, le, leis ...)

Ma bheir sibh a' chromag às an dà bhogsa eile, bidh geama fada nas simplidh agaibh a-nis:

Image

An dòchas gun còrd e ribh!

Return to “General Chatter”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 4 guests