Adaptxt - Predictive Texting ann an Gàidhlig (air Android)

User avatar
akerbeltz
Posts: 60
Joined: March 15th, 2011, 12:53 pm
Location: Glaschu
Contact:

Adaptxt - Predictive Texting ann an Gàidhlig (air Android)

Postby akerbeltz » November 1st, 2012, 1:22 pm

Image
Mu dheireadh, dheireadh, dheireadh thall! Cha leig mi leas mìneachadh dhaibh na th' ann an teacsadh ro-innseach, saoilidh mi 8-) Ma tha sibh air Android, bidh cothrom agaibh air a' ghoireas fhìor mhath seo. Agus cha chosg e sgillinn!

Seo mar a gheibh sibh e:

Fosglaidh am Play Store air an fhòn agaibh agus dèanaibh lorg airson Adaptxt:
Image
Feumaidh sibh an Adaptxt Keyboard sa chiad dol a-mach. Briogaibh air Install
Image
agus leigibh leis stàladh
Image
Tha agaibh ri fhosgladh an uairsin
Image
Agus briogadh air Accept
Image
Agus Setup an uairsin
Image
Thoiribh aire air an stiùireadh an-seo, gu h-àraidh an rud mun phutan Back!!!
Image
Nise, tha mise a' dol a stàladh Beurla agus Gàidhlig ach Beurla sa chiad dol a-mach (dìreach a chionn 's gu bheil mi a' sgrìobhadh na treòire seo an oidhche ron sgaoileadh agus leis a sin, chan eil Gàidhlig san liosta fhathast!)
Image
Chì sibh seo an uairsin
Image
Nise, feumaidh sibh am putan Back a chleachdadh gus tilleadh dhan sgrìn seo agus gnogadh a thoirt air Next
Image
Cuiribh cromag uaine sa bhogsa ri taobh Adaptxt Beta agus brùthaibh am putan Back air an fhòn agaibh a-rithist an uairsin
Image
Agus Next an uairsin
Image
Leanaibh ris an stiùireadh an-seo
Image
Agus sin agaibh e
Image
NIse, cà bheil a' Ghàidhlig/Ghaeilge/Ghaelg... Às dèidh dhuibh briogadh air Finish (sa cheum roimhe), chì sibh an sgrìn seo co-dhiù air a bheil earrann airson an Add-On Manager; briogaibh air
Image
(Ma chaidh sibh seachad air a' cheum seo, na gabhaibh dragh. Dèanaibh lorg air an t-suaicheantas aig Adaptxt (chan urra dhomh innse dhuibh càit am bi sin, tha sin a' crochadh air an fhòn agaibh) ach chì sibh an dearbh sgrìn an uairsin.
Image
Nise, briogaibh air Download
Image
Agus an cànan a tha dhìth oirbh:
Image
'S urrainn dhuibh iomadh dhiubh a stàladh:
Image
Mar eisimpleir, tha Gaeilge agus Gaelg ri làimh cuideachd
Image Image
Agus sin agaibh e!!!


Na ceistean mòra:
1) Ciamar a gheibh mi tàthan?
Ma chumas sibh sìos iuchair air a bheil barrachd air aon litir/samhla, gheibh sibh an roghainn eile. Ma-tà, airson tàthan, cumaibh sìos an litir B:
Image
An dearbh rud ma tha sibh air tòir asgair (tha sin air an litir G)
2) A bheil barrachd faclan 'gam moladh?
Tha, gheibh sibh barrachd dhiubh 's sibhse briogadh air an t-saighead
Image
3) Cha toigh/mhath/chaomh/gasta leam an Olympic Theme
Seadh, chan math na leamsa. Ach ma bhriogas sibh air ìomhaigheag Adaptxt
Image
's urrainn dhuibh atharrachadh fo Themes and Layouts » Keyboard Theme
4) Dè mu dhèidhinn iPhone?
Tha mi duilich ach chan eil seo ri làimh air an iPhone. Bu toigh le Adaptxt a sholar air iPhones cuideachd ach chan eil Apple a' toirt cead do dhuine sam bith taobh a-muigh Apple gleusan a leigeas leat teacsa a chur a-steach a dhealbhadh.
5) Is Windows Phone?
Chan eil fhathast ach tha Adaptxt an dùil gum bi.

Return to “General Chatter”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest