Opera 15

User avatar
akerbeltz
Posts: 60
Joined: March 15th, 2011, 12:53 pm
Location: Glaschu
Contact:

Opera 15

Postby akerbeltz » July 2nd, 2013, 5:51 pm

A chàirdean, ràinig Opera 15 agus tha e stèidhichte air Chrome a-nis 's cho luath ri seabhag agus tha Gàidhlig 'na lùib ach feumaidh sibh a thaghadh aig an fhìor thoiseach mar a chì sibh gu h-ìosal, chan eil clàr-taice airson taghadh a' chànain aca fhathast.

Image

Tha rudan beaga cearr air an eadar-theangachadh fhathast, tha mi duilich, bha iad a' dol a dhiùltadh nan cànan beaga 's leig iad a-staigh sinn aig a' cheann thall ach b' fheudar dhuinn a dhèanamh ann an cabhag mhòr mhòr.

Saoilidh mi gun obraich e air tablaidean/iPads cuideachd ma tha Gàidhlig agaibh mar locale ach chan eil mi cinnteach, chan eil tablaid agam. Cumaidh mi fios ribh!

Tha an dearbhair-litreachaidh 'na lùib ach feumaidh sibh a thaghadh sna roghainnean mus obraich e:
Image

Gheibh sibh an-seo e
User avatar
Janice Chan
Posts: 5251
Joined: January 14th, 2009, 9:52 am
Location: Toronto Canada
Contact:

Re: Opera 15

Postby Janice Chan » July 2nd, 2013, 6:49 pm

akerbeltz wrote:A chàirdean, ràinig Opera 15 agus tha e stèidhichte air Chrome a-nis . . . .



Mòran taing a Mhìcheil. Feumail 's inntinneach, mar as àbhaist!

Return to “General Chatter”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 2 guests